• St Andrews professionals including Open Champions Willie Park and Tom Morris, about 1855
  • Football Team from the past
  • Shinty Eyes
  • Shinty Slide
  • Scotland v Worcester, Forthill, Broughty Ferry 1951
  • Scotland v Australia Hamilton Crescent

Dualchas Spòrs na h-Alba

Chaidh Dualchas Spòrs na h-Alba a stèidheachadh ann an 2015 le grunn bhuidhnean riaghlaidh spòrs aig ìre nàiseanta agus buidhnean dualchais a bha a’ riochdachadh criogaid, cròladh, goilf, ball-coise, rugbaidh agus camanachd.  Aig cridhe na co-bhanntachd bha rùn is misneachd dualchas spòrs na h-Alba a chomharrachadh agus a chaomhnadh.  Tron obair seo, tha dùil aig Dualchas Spòrs na h-Alba taisbeanaidhean a lìbhrigeadh an co-cheangal ri gach spòrs, agus co-bhanntachd nàiseanta spòrs a thogail tro shealladh na cuimhne.

Tha lìonradh de bhuidhnean cuimhne againn, a’ sìneadh bhon t-Sròn-reamhar anns an iar-thuath gu Lerwick ann an Eileanan Shealtainn, a tha ag amas air taic a chumail ri slàinte agus deagh bhith-beò dhaoine a tha a’ tighinn beò le seargadh-inntinn agus seòrsaichean eile de thrioblaidean cuimhne, agus feadhainn eile a tha aonaranach, iomallach no a’ tighinn-beò fo lòn-dhubh.

Pròiseact na Cuimhne

Tha Dualchas Spòrs na h-Alba a’ cruthachadh tasglan didseatach a bhios na thaic do bhuidhnean-cuimhne. Buail air na ceanglan gu h-ìosal airson tuilleadh fiosrachaidh mu na pròiseactan cuimhne fa-leth agus son sùil a thoirt air na cruinneachaidhean didseatach.

Cuimhne Ball-coise na h-Alba
Cuimhne Camanachd na h-Alba
Cuimhne Rugbaidh na h-Alba
Cuimhne Criogaid na h-Alba
Cuimhne Goilf na h-Alba

Seo sinn

Chaidh Dualchas Spòrs na h-Alba a stèidheachadh ann an 2015 le grunn bhuidhnean riaghlaidh spòrs aig ìre nàiseanta agus buidhnean dualchais a bha a’ riochdachadh criogaid, cròladh, goilf, ball-coise, rugbaidh agus camanachd.

Fios

info@sportsheritagescotland.co.uk
+44 (0)141 616 6115

Tadhail

Dualchas Spòrs na h-Alba
Pròiseact na Cuimhne
Hampden Park, Glasgow, G42 9BA