Eachdraidh na camanachd

Seo mar a tha Faclair Seann Chànan na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann a’ mìneachadh camanachd

schinnie/shinnie/shiny/shinye, n,
[Obscure. Cf. Gaelic sinteag a skip, a pace, later Scots shinty (1769) the game, (1773) the stick, 18th century English shinney   (1794) the stick.] A game played with a stick curved at one end like a hockey stick and used for striking a ball, also, the stick itself. [With respectt to the Kirk-yeard, that ther be no playing at golf, carrict, shinnie (Liber Coll. Glasgow, p. lxviii shinny], in the High Kirk, or Kirjk-yard, or Blackfriar Kirk-yeard, either Sunday or week day; 1589 Glasgow Kirk S. 16 Oct. in Wodrow Life of Mr David Weems 14 in Biog. Coll. II (Maitland Club 1845).] The bairnes of France have the exercise of the tap, the pery, the cleking, and (instead of our gouf, which they know not) they have shinyes; 1665-7 Lauder Journal, 125,  He did transub Himself to ball, the Parliament to club, Which will him holl when right teased at ane blow Or els Sir Patrick will be the shinnie goe; c 1690 Bk. Pasquils 181.

Beachd bho shean

“Camanachd is not an orchid; nor is it a new biological eccentricity, nor the latest freak of pathological nomenclature. It is a recreation. In Scotland there are three games which can best claim to be native to the soil - golf, curling and shinty and the greatest of these is shinty, whereof the Gaelic name is camanachd….”
From The Globe, 1893

Chan eil mòran gheamaichean ann a tha cho sean ri camanachd. Tha dùil gun deach a thoirt a dh’Alba aig an aon àm ri crìosdaidheachd agus a’ Ghàidhlig mu 2,000 bliadhna air ais le na miseanaraidhean Èireannach (tha e ri ràdh gun tàinig Colm Cille a dh’Alba bho thùs an dèidh troimhe-chèile an lùib gèam íomain ann an Eireann) agus tha deagh chòir aig camanachd a bhith air ainmeachadh mar spòrs nàiseanta na h-Alba.

Chan eil teagamh nach robh camanachd gu math cumanta air feadh na dùthcha gu lèir aig diofar àmanan.  Tha e ri lorg air na creagan corrach ann an Eilean Hiort, agus shìos anns na Crìochan far a bheil faichean mòran nas rèidh.  Tha e ri lorg cuideachd an Arcaibh (ged nach eil fhathast an Sealtainn) agus tha an gèam nis a’ fàs nas treasa air feadh nan Eilan Siar.

Lorgar an gèam cuideachd air feadh an t-saoghail agus chan ann a-mhàin ann an Alba.  Far an deach na Gàidheil fhuadach thar nam bliadhnaichean, lorgar camanachd far an robh iad gu math tric – biodh sin air taobh eile an t-saoghail an Astràilia, an Seallainn Nuadh, agus an Aimeireaga a Deas.  Chaidh a thoirt dhan Roinn Eòrpa le na saighdearan anns an dà Chògadh Mhòr, agus bha camanachd ga chluich le saighdearan MhicShimidh anns an Cogadh nam Boers.  Chaidh a chluich cuideachd air feadh Chanada aig diofar àmanan agus chaidh an gèam a thoirt beò a-rithist ann an 1991, nuair a chiadh sgiobaidhean chamanachd Chinn a’ Ghiùthsaich agus an Eilein Sgitheanaich a chluich ann an Ceap Breatann.

Thàinig camanachd, cleas iomadach taobh de chultair na Gàidhealtachd rè ùine gu math tric fo impidh, fon lagh agus fo bhuaidh dhiofar ghluasadan eile.  `S ann a tha e iongnatach ann an dòigh gu bheil camanachd air tighinn-beò idir an dèidh a bhith fo bhuaidh an lagh a bha bha ga chleachdadh an aghaidh gheamaichean a bha “gun rian”, a bharrachd air buaidh luchd-taic na Sàbaid aig àm an Ath-Leasachaidh agus an dèidh sin, agus tha sin gun tighinn air dòighean eile anns an deach atharrachaidhean a bhuileachadh air dòigh-beatha na Gàidhealtachd, mar a tha air a mhìneachadh le luchd-eachdraidh leithid Seumas Mac an t-Sealgair agus Roger Hutchinson anns an leabhar Camanachd,  (Mainstream, 1989).  Tha na daoine a sheas còraichean na camanachd fad cheudan de bhliadhnaichean ri am moladh, agus gu seachd àraid an fheadhainn a stèidhich Comann na Camanachd, buidheann-riaghlaidh an spòrs ann an 1893, agus a chùm taic ris bhon uairsin.

Bha sreath de gheamaichean àraid ann còrr is ceud bliadhna air ais a thug Comann na Camanachd gu buil, agus sin an stèidh air an deach gèam an latha an-diugh a bhunaiteachadh. Tha faisg air trì fichead sgioba no buidheann a-nis a’ cluich gu cunbhallach aig diofar ìrean; agus tha taic aig Comann na Camanachd bho bhuidhnean mòra ainmeil ann an saoghal malairt leithid Glenmorangie agus Marine Harvest a tha air seasamh taobh-ri-taobh leis an spòrs. A barrachd air sin tha ùghdarrasan ionadail air a bhith gu math taiceil dhan ghèam agus air a bhith a’ cuideachadh sgiobaidhean le na cosgaisean a tha a’ tighinn orra son raointean a leasachadh agus goireasan nas fheàrr a thabhann do chluicheadairean.

Tha camanachd air tighinn air adhart gu mòr bhon a bha e a’ stri airson bi-beòanns na glinntean air a’ Ghidhealtachd, agus ann am pàircean anns na bailtean mòra leithid Lunnainn, Wimbledon, Manchester, Cottonpolis.  Tha e fiùs air tighinn beò air taobh an ear na h-Alba far an robh an sgioba as sinne a tha ri lorg   “Aberdeen North of Spey Club” a’ cluich anns na 1840-an. A-rèir Courier Inbhir Nis,  Faoilteach 11, 1849, chruinnich buill an sgioba air a’ mhachair air Latha na Bliadhn’ Ùire “for conducting the long established Celtic game”.

Tha cridhe na camanachd fhathast a’ bualadh nas treasa air a’ Ghàidhealtachd na ann an àite sam bith eile.  Anns na seann làithean cha robhas a’ cluich ach aig àm na Bliadhn’ Ùire – an t-seann Bhliadhn’ Ùr mar as trice.  Bhiodh na geamaichean eadar dà pharaisde, le sgiobaidhean nach gabhadh àireamh, cluicheadairean a’ tighinn agus a’ falbh, a’ cluich bho mhoch gu dubh.  Ann an iomadach sgìre, chaidh an gèam à sealladh mu mheadhan an 19mh linn, ach sheas e nas làidire ann an sgìrean leithid Bhàidneach, Lochabar agus Srathghlais far an deach an “cluidh-bhall” a chumail suas chun an latha an-diugh.

Seo sinn

Chaidh Dualchas Spòrs na h-Alba a stèidheachadh ann an 2015 le grunn bhuidhnean riaghlaidh spòrs aig ìre nàiseanta agus buidhnean dualchais a bha a’ riochdachadh criogaid, cròladh, goilf, ball-coise, rugbaidh agus camanachd.

Fios

info@sportsheritagescotland.co.uk
+44 (0)141 616 6115

Tadhail

Dualchas Spòrs na h-Alba
Pròiseact na Cuimhne
Hampden Park, Glasgow, G42 9BA