Camanachd an-Diugh

`S e camanachd fear de na geamaichean as luaithe, as cruaidhe agus as gleusta anns an t-saoghal.  Thathas ga chluich sa chumantas air raointean feòir a-muigh, agus tha na pàircean suas gu 155m am fad, eadar dà sgioba le 12 neach, a’ bualadh ball leathair le caman, a bha uaireigin air a ghearradh far craoibh. 

Thathas a’ tomhas gum faod am ball siubhal aig còrr is 100 mìle san uair, agus do dhaoine a bhios an làthair ga choimhead, chan eil a leithid eile ann, agus tha sin fìor do na cluicheadairean cuideachd.

Tha camanachd ga chluich an-diugh air feadh na h-Alba, le clann, fireannaich agus boireannaich aig gach aois agus ìre) an Sasann, anns na Stàitean agus fiùs ann an
Krasnador anns an Ruis – na theisteanas air an tarraing a tha fhathast aig gèam nan Gàidheal.

Camanachd: gèam an latha an-diugh

Tha camanachd luath, corporra agus `s e a’ phrìomh amas am ball a chur dhan tadhal.

Lorgar na riaghailtean airson a’ ghèaim ann am fo-laghan Chomann na Camanachd aig www.shinty.com, ach faodar na riaghailtean sin atharrachadh, mar as trice tro àireamhan chluicheadairean air gach taobh, no tro mheud nan raointean cluiche, agus do ghèamaichean òigridh no am measg bhan.  Tha 12 neach ann an sgioba camanachd àbhaisteach – le aon neach air a chomharrachadh mar neach-glèidhidh anns an tadhal. 

Tha caman aig gach cluicheadair, agus `s ann leis sin a thathas a’ gluasad a’ bhuill.  Faodaidh ball siubhal suas gu 100m le deagh bhuille agus air uair aig astar 100 mìle san uair.

Tha farpaisean stèidhichte air lìogaichean aig diofar ìrean le gluasad suas is sìos eatarra, agus cuideachd farpaisean son cupanan far a bheil sgiobaidhean a’ dol air adhart gu cuairt dheireannach an dèidh gach gèam a bhuinnig.  `S e a’ phrìomh dhuais do na fireannaich Cupa na Camanachd, a chaidh a chluich an toiseach ann an 1896.  Ann an gèam nam ban, `s e Cupa Valerie Fhriseil a’ phrìomh dhuais.

Bidh na cuairtean-deireannach anns an dà fharpais sin anns an t-Sultain gach bliadhna mar as trice. Timcheall air an àm sin dhen bhliadhna bidh gèam eadar-nàiseanta eadar Alba agus Èireann leis an dà thaobh a’ cleachdadh na camain aca fhèin agus a’ cluich gèam far a bheil na riaghailtean ag atharrachadh son cothromachd.  Mar as trice, bidh an gèam eadar-nàiseanta (làn-ìre, fo-21 agus boireannaich) ga chluich an Alba aon bhliadhna agus an uairsin Èireann, agus bliadhna mu seach eadar an dà dhùthaich.

Far a bheil camanachd ga chluich

Tha diofar sheòrsaichean farpaisean leasachaidh ann far a bheil camanachd ga chluich air raointean taobh-staigh thallaichean mòra no air pàircean leigte.  Tha sin mar as trice a’ tachairt do dh’fharpaisean òigridh.  `S ann air pàircean feòir as trice a tha an gèam ga chluich agus tha meud an raon-cluiche mòran nas motha na tha e airson ball-coise, rugbaidh no hocaidh.  Faodaidh raon camanachd a bhith suas gu 155m fada agus gu 73m an leud.

Tha camanachd gu mòr stèidhichte ann an coimhearsnachdan agus leis sin tha a’ mhòr-chuid de gheamaichean gan cluich gu h-ionadal air raointean a chaidh a leasachadh bho raointean no pàircean a bha air an cur gu feum ann an dòighean gu math eadar-dhealaichte mus deach an leasachadh agus an cur gu feum son camanachd.

Air uair, thathas air a bhith a’ coimhead ris a’ ghèam a chluich air raointe iomadh-sìde, gu h-àraidh seach gu bheil feum air raon cho mòr agus cho farsainn ann an sgìrean far nach eil mòran ghoireasan. Tha sin a’ togail mòran cheistean mu dheidhinn ghoireasan anns an fharsainneachd agus cosgaisean gu sònraichte.  Tha grunn sgiobaidhean air mòran adhartais a dhèanamh airson an cuid ghoireasan a leasachadh le seòmraichean-sgeadachaidh snasail agus raointean mòran nas fheàrr na chleachd. Tha grunn cuideachd le seòmraichean aoigheachd agus goireasan do luchd-amhairc agus tadhail.

Tha cothrom aig a h-uile neach camanachd a chluich, agus chan eil aois, meud, cinneadh, comas, gnè, cultar na thrioblaid sam bith.  Tha diofar sheòrsaichean dhen ghèam ann leithid First Shinty, a tha a’ toirt cothrom do chloinn òga ceum a ghabhail a-steach dhan spòrs.  Tha First Shinty ga chluich le caman phlastaig a tha a’ ciallachadh nach eil cunnart mòr sam bith ann do chloinn nach eil ro eòlach gus an tig iad suas ri astar agus sgilean a’ ghèaim.  Mar a thig na sgilean air adhart, faodar gluasad gu camain cheart, air an dèanamh le fiodh, agus thèid òigridh fhoghlam ann an dòighean agus sgilean a ghabhas cleachdadh airson iad fhèin a dhìon.  Cuideachd, bidh geamaichean gan cluich eadar sianar, agus air uair deichnear do bhoireannaich.

Tha sgiobaidhean ùra a-nis a’ nochdadh air feadh sgìrean de dh’Alba far nach robh camanachd roimhe seo, agus leis sin, tha na cothroman a dhol an sàs anns a’ ghèam, ga choimhead no ga chluich, a’ sìor leudachadh.

Ma tha fìor dheagh sgilean aig cluicheadair sam bith, tha slighe romhpa a-nis ann an saoghal na camanachd suas gu ìre cluiche eadar-nàiseanta.  Tha structaran agus coidseadh ann a-nis a bheir a h-uile cothrom do chluicheadairean tighinn air adhart agus an ìre as àirde as urrainn dhaibh a bhuinnig agus tha sin a’ ciallachadh a bhith a’ riochdachadh Alba bho aois 16 agus suas – an dà chuid do bhoireannaich agus fireannaich.

Seo sinn

Chaidh Dualchas Spòrs na h-Alba a stèidheachadh ann an 2015 le grunn bhuidhnean riaghlaidh spòrs aig ìre nàiseanta agus buidhnean dualchais a bha a’ riochdachadh criogaid, cròladh, goilf, ball-coise, rugbaidh agus camanachd.

Fios

info@sportsheritagescotland.co.uk
+44 (0)141 616 6115

Tadhail

Dualchas Spòrs na h-Alba
Pròiseact na Cuimhne
Hampden Park, Glasgow, G42 9BA