Eachdraidh Chriogaid

Gu h-annasach, tha cuid de na buidhnean criogaid as sinne anns na RA stèidhichte ann an Alba. 

Stèidhichte ann an 1821, `s e Buidhean Chriogaid Khelso a’ bhuidheann as sinne ann an Alba. `S e Manachainn Rossie as sinne an dèidh sin. Tha Rossie air a bhogadh ann an eachdraidh chriogaid, agus stèidhichte ann an 1828 leis a’ Mhorair Kinnaird air an oighreachd àlainn aige aig Inchture faisg air Dùn Dè.

Bha a’ chiad Mhorair Kinnaird, air eth dèidheil air criogaid, agus thug e a-steach Iain Broadley à Siorrachd York mar chluicheadair proifeiseanta agus coidse.  Bha a mhac-san, Johnny, ainmeil an ceann sreath le cho cruaidhs a bhualadh e ball criogaid: bha trì slacain aige, agus tha dha dhiù sin fhathast gan toirt seachad mar dhuais, agus an treas fear, a chaidh ainmeachadh “Calamity Jane” a tha air a’ bhalla ann an seòmar eireachdail le dealbhan agus gnothaichean eachdraidheil eile.

Bha buidheann Rossie air leth moiteil an 150 bliadhna aca de dhualchas àraid chriogaid a chomharrachadh ann an 1978 le geam an aghaidh MCC – a chaidh a chluich ann an èideadh 1828 – agus ann an 2003 chaidh 175 bliadhna gun bhriseadh de spòrs an leathair is seilich a chomharrachadh le grunn thachartasan stèidhichte anns a’ choimhearsnachd.

Seo sinn

Chaidh Dualchas Spòrs na h-Alba a stèidheachadh ann an 2015 le grunn bhuidhnean riaghlaidh spòrs aig ìre nàiseanta agus buidhnean dualchais a bha a’ riochdachadh criogaid, cròladh, goilf, ball-coise, rugbaidh agus camanachd.

Fios

info@sportsheritagescotland.co.uk
+44 (0)141 616 6115

Tadhail

Dualchas Spòrs na h-Alba
Pròiseact na Cuimhne
Hampden Park, Glasgow, G42 9BA