`S e Criogaid Alba, roimhe seo Aonadh Criogaid Alba, a’ bhuidheann-riaghlaidh airson crogaid ann an Alba.  Tha a’ bhuidheann stèidhichte aig an Acadamaidh Nàiseanta son Criogaid ann an Dùn Èideann. 

Chaidh a’ bhuidheann-riaghlaidh a stèidheachadh ann an 1908 mar Aonadh Criogaid na h-Alba, ach chaidh a chur air stèidh ùr ann an 2001 mar Criogaid Alba.  Tha a’ bhuidheann sin a-nis a’ cumail taic is rianachd ri na buidhnean riochdachaidh nàiseanta (aig àrd-ìre agus òigridh, fir is mnàthan).
Aig a’ cheart àm tha sgioba nàiseanta na h-Alba aig àireamh 14 anns an t-saoghal aig ìre ODI agus aig àireamh 11 ann am farpaisean 20/20.  `S e Grant Bradburn an coidse nàiseanta agus tha Kyle Coetzer na sgiobair.

Bha sgioba nam ban air leth soirbheachail ann an 2016, an dà chuid ann an Lìogaichean ECB far a bheil iad a’ cluich fo bhratach na Scottish Wildcats agus ann an geamaichean eadar-nàiseanta chaidh aca air faighinn troimhe gu farpais dearbhaidh Cupa na Cruinne a tha ga chluich ann an Sri Lanka tràth ann an 2017.

`S iad na prìomh fharpaisean Prìomh Roinn an Aonaidh mun Iar agus a Phrìomh Roinn CSL mun Ear.  Chaidh 50 bliadhna de chupa na h-Alba a chomharrachadh ann an 2016.

Tha triùir Oifigearan Leasachaidh air am fastadh làn-ùine aig Criogaid Alba agus aon neach pàirt-ùine a’ frithealadh a’ ghèaim an Alba gu lèir.  Tha na h-oifigearan sin ag obair còmhla ri buidhnean ionadail, sgoiltean agus comainn eile, a’ cur air adhart cùrsaichean coidsidh agus foghlam coidsidh air feadh na dùthcha.

Tha criogaid an Alba ga chluich tro shèsan bho mheadhan Giblean gu tràth san t-Sultain, leis a’ mhòr-chuid de cha mhòr a h-uile geam aig àrd-ìre gan cluich air raointean feòir.  Tha geamaichean lìog mar as trice gan cluich Disathairne, le farpaisean son cupanan agus geamaichean càirdeil gan cluich Là na Sàbaid.  Tha geamaichean eile leithid 20/20 agus geamaichean cairdeil gu math tric gan cluich am meadhan na seachdain.

Cricket Scotland

Seo sinn

Chaidh Dualchas Spòrs na h-Alba a stèidheachadh ann an 2015 le grunn bhuidhnean riaghlaidh spòrs aig ìre nàiseanta agus buidhnean dualchais a bha a’ riochdachadh criogaid, cròladh, goilf, ball-coise, rugbaidh agus camanachd.

Fios

info@sportsheritagescotland.co.uk
+44 (0)141 616 6115

Tadhail

Dualchas Spòrs na h-Alba
Pròiseact na Cuimhne
Hampden Park, Glasgow, G42 9BA