Rach an sàs

Ma tha thu a’ lorg dùbhlan ùr a tha làn spòrs, fallain agus sòisealta, `s e goilf an gèam dhuibh.  `S e an fhìrinn gun urrainn do neach sam bith goilf a chluich – bho aois 3 gu 103!

`S e “Get into Golf” an iomairt as motha fhathast airson inbhich a tharraing gu goilf, biodh sin airson fheuchainn airson a’ chiad turas, no greis air falbh bhon spòrs air sgàth teaghlaich, no uallaichean eile leithid obair no gnothaichean eile.

`S e amas “Get into Golf” cur às do na seann bheachdan is iomhaighean a th’aig daoine mu ghoilf agus dealbh nas fìrinniche a thabhann dhen spòrs mar ghnothach a tha a’ cur fàilte air daoine, ion-ghabhalach, luachmhor agus na spòrs a bheir cothrom do neach sam bith a chluich.

Tha tòrr thachartasan ann do chloinn tro iomairt “ClubGolf” agus fad an t-samhraidh tha sinn a’ cur air adhart tachartasan sònraichte do chloinn-nighean; dìreach cùm sùil a-mach airson #ThisGirlGolfs air an meadhanan sòisealta agus aig na buidhnean ionadail agaibh.

 
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Ghoilf Alba

Toiseach-tòiseachaidh air goilf

Seo sinn

Chaidh Dualchas Spòrs na h-Alba a stèidheachadh ann an 2015 le grunn bhuidhnean riaghlaidh spòrs aig ìre nàiseanta agus buidhnean dualchais a bha a’ riochdachadh criogaid, cròladh, goilf, ball-coise, rugbaidh agus camanachd.

Fios

info@sportsheritagescotland.co.uk
+44 (0)141 616 6115

Tadhail

Dualchas Spòrs na h-Alba
Pròiseact na Cuimhne
Hampden Park, Glasgow, G42 9BA