Goilf an-diugh

`S e Goilf Alba a’ bhuidheann a tha a’ riaghladh goilf gu nàiseanta ann an Alba. Tha sinn a’ riochdachadh bhuidhnean agus a h-uile neach fa-leth a’ seasamh an còraichean air feadh na dùthcha agus a’ cumail aire dhaoine air an teachdaireachd gur e Alba fìor dhachaigh spòrs goilf.  `S e an dreuchd againn a bhith a’ stiùireadh ar buidhnean, a bhith a’ toirt air adhart churaidhean agus a bhith a’ tairgse chothroman dhan h-uile neach an Alba a bhith a’ cluich goilf fad am beatha.

Tha timcheall air leth mhuillean neach a’ cluich goilf an Alba, nam buill de bhuidheann no ann an dòigh sòisealta eile. Tha 587 buidheann ann le ballrachd de chòrr is 211,000 uile gu lèir, agus corr is 50,000 a’ cluich goilf am farpaisean gach seachdain tron t-seusan.

Agus chan ann a-mhàin mu fharpaisean le 18 toll a tha a h-uile càil anns an latha a th’ann.  Faodaidh cluicheadairean goilf roghnachadh dè cho fad sa tha iad ag iarraidh a bhith air cùrsaichean agus dè na seòrsaichean dhen ghèam a bu mhath leotha a bhith a’ cluich – biodh sin nam buill de bhuidhnean ann am farpaisean, no còmhla ri caraidean.  `S e gèam dhan h-uile duine a th’ann an goilf agus `s e adhbhar Goilf Alba a bhith a’ dèanamh cinnteach gun còrd e ris a h-uile duine.

Family Golfing
Get into Golf
Girls Jumping
West Kilbride

Seo sinn

Chaidh Dualchas Spòrs na h-Alba a stèidheachadh ann an 2015 le grunn bhuidhnean riaghlaidh spòrs aig ìre nàiseanta agus buidhnean dualchais a bha a’ riochdachadh criogaid, cròladh, goilf, ball-coise, rugbaidh agus camanachd.

Fios

info@sportsheritagescotland.co.uk
+44 (0)141 616 6115

Tadhail

Dualchas Spòrs na h-Alba
Pròiseact na Cuimhne
Hampden Park, Glasgow, G42 9BA