Seo sinn
Tha na buidhnean a leanas nam buill de Dhualchas Spòrs na h-Alba: Taigh-Tasgaidh Ghoilf Bhreatainn, Comann na Camanachd, Fonndas Ionad Raeburn, Buidheann Cròlaidh Rìoghail Cailleanach, Criogaid Alba, Urras Cròlaidh na h-Alba, Comann Ball-Coise na h-Alba, Taigh-Tasgaidh Bhall-coise na h-Alba agus Rugbaidh Alba.
Cha do thachair a leithid de cho-oibreachadh seo measg bhuidhnean spòrs ruige seo an co-cheangal ri dualchas spòrs na h-Alba. Tha còig de na buidhnean air tòiseachadh ag obair còmhla a thoirt air adhart pròiseact nàiseanta cuimhne spòrs Pròiseact na Cuimhne) agus tha riochdairean bho na sia spòrs gu h-iomlan air a bhith ag obair air taisbeanaidhean roimhe seo, no aig a’ cheart àm a’ lìbhrigeadh taisbeanaidhean dualchais no gan deisealachadh airson an toirt air adhart san ùine romhainn.
`S e raon-obrach Dualchas Spòrs na h-Alba mar a leanas;
- Dualchas spòrs na h-Alba a chomharrachadh agus a chaomhnadh
- Stòras/tasglann didsiteach a leasachadh agus a chumail suas a’ dèiligeadh ri saoghal spòrs na h-Alba
- Stòras a chruinneachaidh fhosgladh gu buill gu h-iomlan tro làrach-lìn agus meadhanan eileactronaigeach eile ann am Beurla agus an Gàidhlig
- Taic a chumail ri leudachadh air Pròiseact spòrs na cuimhne le bhith a’ brosnachadh bhuidhnean ionadail feadh Alba agus le bhith a’ frithealadh stòras didseatach
- Ro-innleachd a dhealabh a dh’fhosglas an tasglann/stòras a thogail ùidh bhuidhnean taobh-muigh dèiligeadh ri seargadh-inntinn a-mhàin
- Ballrachd an lìonraidh uidheamachadh son èifeachdas coluadair agus cothroman eòlas agus sgilean a chuartachadh
- Coluadar agus ceanglan a thogail le buidhnean eile an Alba agus an àiteachan eile, mar a tha freagarrach, ach an tèid cur ri amasan a’ phròiseict
- Cothroman a chruthachadh do bhuill a bhith a’ cur ri trèanadh freagarrach agus barrachd eòlais
- Saothar Dhualchas Spòrs na h-Alba fhoillseachadh air feadh Alba
- Taic a chumail ri taisbeanaidhean son gach spòrs